Agus dh’fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a nì sinne? Agus thubhairt e riu, Na dèanaibh fòirneart air neach sam bith, no casaid-bhrèige, agus bithibh toilichte le ur tuarasdal.
Air an adhbhar sin thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais, agus na tòisichibh air a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan seo.
A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air am bioradh nan cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a’ chuid eile de na h‑abstoil, Fheara agus a bhràithrean, ciod a nì sinn?
An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.
Agus air dhàsan a bhith air chrith agus làn uamhainn, thubhairt e, A Thighearna, ciod as àill leat mise a dhèanamh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus rach a‑steach don bhaile, agus innsear dhut ciod as còir dhut a dhèanamh.