Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 24:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ag ràdh, Is èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rìs air an treas là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

On àm sin a‑mach thòisich Iosa air a nochdadh da dheisciobail gur èiginn dhàsan dol suas gu Ierusalem, agus mòran de nithean fhulang o na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus a bhith air a thogail suas air an treas là.

Nach b’èiginn do Chrìosd na nithean seo fhulang, agus dol a‑steach da ghlòir?

Agus thubhairt e riu, Mar seo tha e sgrìobhte, agus mar seo b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh o na mairbh air an treas là:

Air dhuinne a tha nar n‑Iùdhaich a‑thaobh nàdair, agus chan ann nar peacaich de na Cinnich,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan