Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 24:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chan eil e an seo, ach dh’èirich e: cuimhnichibh mar a labhair e ribh air dha a bhith fhathast ann an Galile;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Oir mar a bha Iònas ann am broinn na muice-mara trì làithean agus trì oidhchean, is ann mar sin a bhios Mac an Duine ann an cridhe na talmhainn trì làithean agus trì oidhchean.

On àm sin a‑mach thòisich Iosa air a nochdadh da dheisciobail gur èiginn dhàsan dol suas gu Ierusalem, agus mòran de nithean fhulang o na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus a bhith air a thogail suas air an treas là.

Ag ràdh, A thighearna, is cuimhne leinn nuair a bha am mealltair ud fhathast beò, gun dubhairt e, Eiridh mi an dèidh trì làithean.

Chan eil e an seo; oir dh’èirich e, mar a thubhairt e: thigibh, faicibh an t‑àite anns an robh an Tighearna na laighe.

Agus thubhairt esan riu, Na biodh eagal oirbh: tha sibh ag iarraidh Iosa o Nàsaret, a cheusadh: dh’èirich e, chan eil e an seo: faicibh an t‑àit anns an do chuir iad e.

Agus thòisich e rin teagasg, gur èiginn do Mhac an duine mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus èirigh a‑rìs an dèidh trì làithean.

Ag ràdh, Dh’èirich an Tighearna da‑rìribh, agus chunnacas le Sìmon e.

Agus air dhaibh a bhith fo eagal, agus a’ cromadh an aghaidh a‑chum na talmhainn, thubhairt iad riu, Carson a tha sibh ag iarraidh an tì a tha beò am measg nam marbh?

Ag ràdh, gur èiginn do Mhac an Duine mòran fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air a thogail suas air an treas là.

Taisgibh na briathran seo nur cluasan: oir tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine.

Neach a thog Dia suas, air dha piantan a’ bhàis fhuasgladh; do bhrìgh nach robh e an comas gun cùmte esan leis:

Nach cuimhne leibh, air dhomh a bhith fhathast maille ribh, gun d’innis mi na nithean seo dhuibh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan