Agus ag imeachd dhaibhsan a dh’innse da dheisciobail, feuch, thachair Iosa fhèin orra, ag ràdh, Fàilte dhuibh. Agus thàinig iad am fagas dha, agus rug iad air a chasan, agus rinn iad adhradh dha.
Chuala sibh mar a thubhairt mi ribh, Tha mi a’ falbh, agus thig mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh. Nam biodh gràdh agaibh dhòmhsa, bhiodh aoibhneas oirbh, a chionn gun dubhairt mi, Tha mi a’ dol a‑chum an Athar: oir is mò m’Athair na mise.
Gidheadh tha mi ag innse dhuibh na fìrinn. Is buannachd dhuibh mise a dh’fhalbh: oir mura falbh mi, cha tig an Comhfhurtair dur n‑ionnsaighse; ach ma dh’fhalbhas mi, cuiridh mi esan dur n‑ionnsaigh.
Dom bheil sibh a’ toirt gràidh, ged nach faca sibh e; agus ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn, air dhuibh a bhith a’ creidsinn ann, tha sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachais le aoibhneas air dol thar labhairt, agus làn de ghlòir: