Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 24:48

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is fianaisean sibhse air na nithean seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus chunnacas e rè mòran làithean leòsan a chaidh suas maille ris o Ghalile gu Ierusalem, dream a tha nam fianaisean dhàsan don t‑sluagh.

Agus tha sinne nar fianaisean dha air na nithean seo; agus mar an ceudna an Spiorad Naomh, a thug Dia dhaibhsan a tha umhail dha.

An t‑Iosa seo thog Dia suas, air a bheil sinne uile nar fianaisean.

Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.

Chan ann don t‑sluagh uile, ach do fhianaisean, a thaghadh le Dia ro‑làimh, eadhon dhuinne, a dh’ith agus a dh’òl maille ris an dèidh dha èirigh o na mairbh.

Agus tha sinne nar fianaisean air na h‑uile nithean a rinn e, araon ann an tìr nan Iùdhach, agus ann an Ierusalem; neach a mharbh iad, ga chrochadh air crann:

Agus mharbh sibh Prionnsa na beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.

A’ tòiseachadh o bhaisteadh Eòin, gus an là anns an do thogadh suas uainn e, a bhith air a dhèanamh na fhianais air a aiseirigh-san maille rinne.

Na seanairean a tha nur measg tha mi ag earalachadh, air a bhith dhomh fhèin am sheanair mar an ceudna, agus am fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar an ceudna am fhear-compàirt den ghlòir sin, a tha gu bhith air a foillseachadh:

Agus le mòr-chumhachd thug na h‑abstoil fianais air aiseirigh an Tighearna Iosa: agus bha mòr-ghràs orra uile.

Agus nì sibhse fianais mar an ceudna, do bhrìgh gu bheil sibh maille rium o thùs.

Oir bidh tu ad fhianais aige a‑chum nan uile dhaoine, air na nithean a chunnaic agus a chuala tu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan