Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 24:47

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus aithreachas agus maitheanas peacaidh a bhith air an searmonachadh na ainm-san, do na h‑uile chinnich, a’ tòiseachadh aig Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

52 Iomraidhean Croise  

Agus beannaichidh mi iadsan a bheannaicheas thu, agus iadsan a mhallaicheas thu mallaichidh mi; agus annadsa beannaichear uile theaghlaichean na talmhainn.

Cuimhnichidh air, agus tillidh a dh’ionnsaigh an Tighearna, uile chrìochan na talmhainn; agus strìochdaidh uile theaghlaichean nan cinneach na làthair.

Gum beannaicheadh Dia sinn, agus gu robh a eagal-san air uile chrìochan na talmhainn!

Thig na cinnich uile a rinn thu, agus sleuchdaidh iad ad làthair, a Thighearna, agus bheir iad glòir dod ainm.

Agus anns an là sin, bidh freumh Iese na sheasamh mar bhrataich do na slòigh; da ionnsaigh-san iarraidh na cinnich, agus bidh a thàmh glòrmhor.

Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, togaidh mise mo làmh ris na cinnich, agus ris na slòigh cuiridh mi suas mo bhratach; agus bheir iad do mhic nan uchd, agus giùlainear do nigheanan air an guaillean.

Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.

Ciod tuilleadh a ghabhadh dèanamh rim fhìonlios nach do rinn mi ris? Carson, nuair a dh’amhairc mi an tugadh e a‑mach dearcan fìona, a thug e a‑mach dearcan fiadhain?

Leig an Tighearna ris a ghàirdean naomh ann an sùilean nan uile chinneach; agus chì uile iomallan na talmhainn slàinte ar Dè‑ne.

Mar sin crathaidh e uisge air mòran chinneach; na fhianais druididh rìghrean am beòil; oir an nì nach do chuireadh an cèill dhaibh, chì iad; agus an nì nach cuala iad, bheir iad fa‑near.

Agus cha teagaisg iad nas mò gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabhaibh eòlas air an Tighearna; oir bidh eòlas aca ormsa uile, on neach as lugha, gus an neach as mò dhiubh, deir an Tighearna: oir maithidh mise an aingidheachd, agus cha chuimhnich mi nas mò an cionta.

Tha deich agus trì-fichead seachdain air an òrdachadh air do shluagh, agus air a’ chathair naoimh, a chrìochnachadh euceirt, agus a chur crìch air lochdan, agus a dhèanamh rèite airson aingidheachd, agus a thoirt a‑steach fìreantachd shìorraidh, agus a sheulachadh suas na h‑aisling agus na fàistneachd, agus a dh’ungadh an Tì as ro‑naoimhe.

Cionnas a bheir mi thairis thu, O Ephraim! Cionnas a bheir mi seachad thu, O Israeil! Cionnas a nì mi thu mar Admah! A chuireas mi thu mar Sheboim! Tha mo chridhe an taobh a‑staigh dhìom air tionndadh; tha m’aithreachais air lasadh le chèile.

Agus suidhichidh mi dhomh fhèin i anns an fhearann, agus nì mi tròcair oirrese nach d’fhuair tròcair; agus their mi riùsan nach robh nan sluagh dhomh, Is tu mo shluagh; agus their iadsan, Is tu mo Dhia.

Agus thèid mòran chinneach, agus their iad, Thigibh, agus rachamaid suas gu sliabh an Tighearna, agus gu taigh Dia Iàcoib; agus teagaisgidh e dhuinn ma shlighean, agus gluaisidh sinne na cheuman: oir à Sion thèid an lagh a‑mach, agus facal an Tighearna à Ierusalem.

Oir, o èirigh na grèine gu ruig a dol sìos, bidh m’ainm-sa mòr am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis dom ainm-sa, agus tabhartas fìorghlan: oir bidh m’ainm mòr am measg nan cinneach, deir Tighearna nan sluagh.

Uime sin imichibh-se, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh;

Agus ag ràdh, Gabhaibh aithreachas: oir tha rìoghachd nèimh am fagas.

Ach imichibh agus fòghlamaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair is àill leam, agus chan ìobairt: oir cha tàinig mise a ghairm nam fìreanach, ach nam peacach a‑chum aithreachais.

A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh: cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh, mar a chruinnicheas cearc a h‑àlach fo a sgiathan, agus cha b’àill leibh!

Dhàsan tha na fàidhean uile a’ toirt fianais, gum faigh gach neach a chreideas ann maitheanas nam peacaidhean tre a ainm-san.

Agus nuair a chuala iad na nithean seo, thosd iad, agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Thug Dia mas eadh mar an ceudna do na Cinnich aithreachas a‑chum na beatha.

An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach.

An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.

A’ dèanamh fianais araon do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich, mu aithreachas a‑thaobh Dhè, agus mu chreideamh a‑thaobh ar Tighearna Iosa Crìosd.

A dh’fhosgladh an sùl, a‑chum gun tionndaidh iad o dhorchadas gu solas, agus o chumhachd Shàtain gu Dia, a‑chum gum faigh iad maitheanas pheacaidhean, agus oighreachd maille ris a’ mhuinntir sin a tha air an naomhachadh tre an chreideamh a tha annamsa.

Ach shearmonaich mi air tùs dhaibhsan ann an Damascas, agus ann an Ierusalem, agus air feadh tìr Iudèa uile, agus an sin do na Cinnich, iad a dhèanamh aithreachais agus tilleadh ri Dia, a’ dèanamh obraichean iomchaidh an aithreachais.

Uime sin biodh fhios agaibhse gun do chuireadh slàinte Dhè a‑chum nan Cinneach agus èisdidh iadsan.

Air an adhbhar sin, dèanaibh-se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna;

Agus chan eil slàinte ann an neach air bith eile: oir chan eil ainm air bith eile fo nèamh air a thabhairt am measg dhaoine, tre am faod sinn a bhith air ar tèarnadh.

Esan dh’àrdaich Dia le a dheas-làimh na Cheannard agus na Shlànaighear, a thoirt aithreachais agus maitheanas pheacaidhean do Israel.

Ach thàinig an lagh a‑steach, a‑chum gum meudaichte an cionta: ach far an do mheudaicheadh am peacadh, bu ro‑mhò a mheudaicheadh gràs:

A‑chum cliù glòir a ghràis, tre an do rinn e sinn taitneach na Mhac gràdhach:

Dhòmhsa, as lugha na an tì as lugha de na naoimh uile, thugadh an gràs seo, saoibhreas Chrìosd, nach faodar a rannsachadh, a shearmonachadh am measg nan Cinneach;

Dom bu toil le Dia fhoillseachadh ciod e saoibhreas glòir an rùin-diamhair seo am measg nan Cinneach; neach as e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire;

Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a chlann bheag, do bhrìgh gu bheil ur peacaidhean air am maitheadh dhuibh, air sgàth a ainme-san.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan