Agus thubhairt iad ri chèile, Nach robh ar cridhe a’ lasadh annainn, am feadh a bha e a’ labhairt rinn air an t‑slighe, agus nuair a dh’fhosgail e dhuinn na sgriobtairean?
Agus dh’èisd bean àraidh rinn dom b’ainm Lidia, bean-reicidh purpair, o bhaile Thiatìra, a bha a’ dèanamh adhraidh do Dhia; aig an d’fhosgail an Tighearna a cridhe, ionnas gun tug i aire do na nithean a labhradh le Pòl.
A dh’fhosgladh an sùl, a‑chum gun tionndaidh iad o dhorchadas gu solas, agus o chumhachd Shàtain gu Dia, a‑chum gum faigh iad maitheanas pheacaidhean, agus oighreachd maille ris a’ mhuinntir sin a tha air an naomhachadh tre an chreideamh a tha annamsa.
Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.
Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith: