Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 24:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dhaibh a bhith fhathast mì‑chreidmheach tro aoibhneas, agus iad fo iongantas, thubhairt e riu, A bheil biadh sam bith agaibh an seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Nan gairminn, agus gum freagradh e mi, cha chreidinn gun d’èisd e rim ghuth:

Agus iadsan, nuair a chuala iad gu robh e beò, agus gum facadh leatha-se e, cha do chreid iad.

Agus dh’imich iadsan agus dh’innis iad e do chàch: agus cha mhò a chreid iad iadsan.

An dèidh sin nochdadh e don aon-fhear-deug, agus iad nan suidhe aig biadh, agus thilg e orra am mì‑chreideamh, agus an cruas-cridhe, a chionn nach do chreid iad iadsan a chunnaic e an dèidh dha èirigh.

Agus bha aca beagan a dh’èisg bheaga: agus bheannaich e iad, agus dh’àithn e an cur sìos nan làthair mar an ceudna.

Agus mheasadh am briathran leòsan mar sgeulan faoine, agus cha do chreid iad iad.

Agus nuair a thubhairt e seo, nochd e dhaibh a làmhan agus a chasan.

Agus thug iad dha mìr de iasg ròiste, agus de chìr-mheala.

Agus tha a‑nis uime sin doilgheas oirbhse: ach chì mise a‑rìs sibh, agus nì ur cridhe gàirdeachas, agus ur gàirdeachas cha bhuin neach air bith uaibh.

An sin thubhairt Iosa riu, A chlann, a bheil biadh air bith agaibh? Fhreagair iadsan e, Chan eil.

Agus nuair a dh’aithnich i guth Pheadair, tre aoibhneas cha d’fhosgail i an geata, ach ruith i a‑steach, agus dh’innis i gu robh Peadar na sheasamh aig a’ gheata.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan