Feuchaibh mo làmhan agus mo chasan, gur mi fhèin a tha ann: laimhsichibh mi, agus faicibh; oir chan eil aig spiorad feòil agus cnàmhan, mar a chì sibh agamsa.
Agus thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, O Dhè, Dia spioradan gach uile fheòla, am peacaich aon duine, agus am bi fearg agad ris a’ cho-chruinneachadh uile?
Agus nuair a ghlaodh Iosa le guth mòr, thubhairt e, Athair, tha mi a’ tiomnadh mo spioraid ad làmhan-sa: agus nuair a thubhairt e seo, thug e suas an deò.
Uime sin thubhairt na deisciobail eile ris, Chunnaic sinne an Tighearna. Ach thubhairt esan riu, Mura faic mise aileadh nan tàirngean na làmhan, agus mura cuir mi mo mheur ann an aileadh nan tàirngean, agus mura cuir mi mo làmh na thaobh, cha chreid mi.
Na dhèidh sin thubhairt e ri Tòmas, Cuir an seo do mheur, agus feuch mo làmhan; agus sìn an seo do làmh, agus cuir am thaobh i: agus na bi mì‑chreidmheach, ach creidmheach.
Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè:
Agus gun dèanadh Dia na sìthe fhèin naomh sibh gu h‑iomlan; agus gun deònaicheadh Dia gum bi ur n‑uile spiorad, agus anam, agus chorp, air an gleidheadh gu neo-choireach, gu teachd ar Tighearna Iosa Crìosd.
Os bàrr, bha againn athraichean a‑thaobh na feòla, a smachdaich sinn, agus thug sinn urram dhaibh: nach mò gu mòr is còir dhuinn a bhith umhail do Athair nan spiorad, agus a bhith beò?
An nì a bha ann o thùs, an nì a chuala sinne, a chunnaic sinn le ar sùilean, air an d’amhairc sinn, agus a làimhsich ar làmhan a‑thaobh facal na beatha;