Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus ghlac e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air amharc dha suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e, agus thug e na buileannan da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad.
Agus air glacadh nan seachd buileann agus nan iasg dha, agus air tabhairt buidheachais, bhris e iad, agus thug e da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad.
Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thug e do na deisciobail e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp-sa.
Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus an dèidh a bheannachadh, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh: is e seo mo chorp-sa.
Agus air dha na còig buileannan agus an dà iasg a ghabhail, agus amharc suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e na buileannan, agus thug e da dheisciobail iad, a‑chum gun cuireadh iad romhpa iad; agus roinn e an dà iasg orra uile.
Agus thug e òrdagh don t‑sluagh suidhe sìos air an làr: agus ghlac e na seachd buileannan, agus air toirt buidheachais, bhris e, agus thug e iad da dheisciobail, a‑chum gun cuireadh iad nan làthair iad: agus chuir iad sìos an làthair an t‑sluaigh iad.
Agus ghlac e aran, agus an dèidh buidheachas a thabhairt, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, Is e seo mo chorp-sa a tha air a thoirt air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.
Ach cho-èignich iadsan e, ag ràdh, Fan maille rinne, oir tha e dlùth don fheasgar, agus tha deireadh an là ann. Agus chaidh e a‑steach a dh’fhuireach maille riu.
Agus ghabh e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air dha amharc suas gu nèamh, bheannaich e iad, agus bhris e, agus thug e da dheisciobail iad gu an cur an làthair an t‑sluaigh.
Agus ghlac Iosa na buileannan, agus air tabhairt buidheachais dha roinn e air na deisciobail iad, agus na deisciobail orrasan a shuidh: agus mar an ceudna de na h‑èisg bheaga, a mheud is a b’àill leo.
Agus a’ buanachadh dhaibh gach là a dh’aon inntinn anns an teampall, agus a’ briseadh arain o thaigh gu taigh, chaith iad am biadh le gàirdeachas agus le aon-fhillteachd cridhe,
Agus air dha na nithean seo a labhairt, agus aran a ghlacadh, thug e buidheachas do Dhia nan làthair uile: agus air dha a bhriseadh, thòisich e ri ithe.