Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 24:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dhruid iad ris a’ bhaile, don robh iad a’ dol: agus leig esan air gun rachadh e na b’fhaide.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Feuch a‑nis, mo thighearnan, tionndaidhibh a‑steach, guidheam oirbh, do thaigh ur seirbhisich, agus fanaibh rè na h‑oidhche, agus ionnlaidibh ur casan, agus èiridh sibh gu moch, agus thèid sibh air ur turas. Agus thubhairt iad, Chan eadh, ach fanaidh sinn air an t‑sràid rè na h‑oidhche.

Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, oir tha an fhàire a’ briseadh: agus thubhairt esan, Cha leig mi air falbh thu, mura beannaich thu mi.

Agus chunnaic Iòseph a bhràithrean, agus dh’aithnich e iad, ach rinn e e fhèin na choigreach dhaibh, agus labhair e gu coimheach riu; agus thubhairt e riu, Cia as a thàinig sibhse? Agus thubhairt iadsan ris, A tìr Chanàain a cheannach bìdh.

Agus chunnaic e iadsan air am pianadh ag iomramh; oir bha a’ ghaoth nan aghaidh; agus thàinig e dan ionnsaigh mu thimcheall na ceathramh faire den oidhche, ag imeachd air a’ mhuir, agus b’àill leis dol seachad orra.

Ach cho-èignich iadsan e, ag ràdh, Fan maille rinne, oir tha e dlùth don fheasgar, agus tha deireadh an là ann. Agus chaidh e a‑steach a dh’fhuireach maille riu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan