Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 24:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach b’èiginn do Chrìosd na nithean seo fhulang, agus dol a‑steach da ghlòir?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Abrahàm fiodh an tabhartais-loisgte, agus chuir e e air muin a mhic Isaac; agus ghabh e na làimh an teine, agus an sgian; agus dh’imich iad le chèile cuideachd.

Agus an ceann nan trì-fichead agus dà sheachdain, gearrar Mesiah as, ach chan ann air a shon fhèin: agus sgriosaidh sluagh a’ phrionnsa a thig a’ chathair, agus an naomh-ionad; agus bidh a chrìoch sin le tuil, agus gu deireadh a’ chogaidh tha lèirsgrios air òrdachadh.

Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth-chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig.

Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall-sa, a bhith air an coileanadh.

Agus thubhairt e riu, Mar seo tha e sgrìobhte, agus mar seo b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh o na mairbh air an treas là:

Ag ràdh, Is èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rìs air an treas là.

Uime sin nuair a bha e air èirigh o na mairbh, chuimhnich a dheisciobail gun dubhairt e seo: agus chreid iad an sgriobtar, agus am facal a thubhairt Iosa.

Oir cha do thuig iad fhathast an sgriobtar, gum b’èiginn gun èireadh esan a‑rìs o na mairbh.

Gam fosgladh agus a’ dearbhadh gum b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh a‑rìs o na mairbh: agus gur e an t‑Iosa seo a tha mise a’ searmonachadh dhuibh, Crìosd.

Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

A’ rannsachadh ciod i, no ciod a’ ghnè aimsir a bha Spiorad Chrìosd anntasan a’ foillseachadh, nuair a rinn e fianais ro‑làimh air fulangasan Chrìosd, agus a’ ghlòir a bha gu an leantainn.

Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan