Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 24:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh dream àraidh dhiubhsan, a bha maille rinn fhèin, a‑chum na h‑uaighe, agus fhuair iad eadhon mar a thubhairt na mnathan; ach chan fhaca iad esan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

An sin, air do Herod na draoidhean a ghairm os ìosal da ionnsaigh, gheur-fhiosraich e dhiubh cia an t‑àm anns an d’fhoillsicheadh an reul.

An sin air èirigh do Pheadar ruith e a‑chum na h‑uaighe; agus air dha cromadh sìos, chunnaic e an lìon-aodach na laighe leis fhèin, agus dh’fhalbh e, a’ gabhail iongantais leis fhèin mun nì seo a rinneadh.

Agus nuair nach d’fhuair iad a chorp, thàinig iad, ag ràdh gum faca iad sealladh de ainglean, a thubhairt gu bheil e beò.

An sin thubhairt e riu, O dhaoine amaideach, agus mall-chridheach a chreidsinn nan nithean sin uile a labhair na fàidhean!




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan