Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 24:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair nach d’fhuair iad a chorp, thàinig iad, ag ràdh gum faca iad sealladh de ainglean, a thubhairt gu bheil e beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Chan eil e an seo; oir dh’èirich e, mar a thubhairt e: thigibh, faicibh an t‑àite anns an robh an Tighearna na laighe.

Agus iadsan, nuair a chuala iad gu robh e beò, agus gum facadh leatha-se e, cha do chreid iad.

Agus mar an ceudna, chuir mnathan àraidh dhinn fhèin, a chaidh gu moch a dh’ionnsaigh na h‑uaighe, mòr-ioghnadh oirnn:

Agus chaidh dream àraidh dhiubhsan, a bha maille rinn fhèin, a‑chum na h‑uaighe, agus fhuair iad eadhon mar a thubhairt na mnathan; ach chan fhaca iad esan.

Agus air dhaibh dol a‑steach, cha d’fhuair iad corp an Tighearna Iosa.

Thàinig Muire Magdalen agus dh’innis i do na deisciobail gum faca i an Tighearna, agus gun dubhairt e na nithean seo rithe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan