Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 24:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach bha dùil againne gum b’esan an tì a bha gu Israel a shaoradh; agus a thuilleadh air seo uile, is e an‑diugh an treas là o rinneadh na nithean seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus saoraidh e Israel o a euceartan gu lèir.

Agus thig am Fear-saoraidh gu Sion, agus tionndaidhidh e easaontas o Iàcob, deir an Tighearna.

Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,

Agus air teachd dhise a‑steach anns an uair sin fhèin, thug i moladh don Tighearna, agus labhair i ma thimcheall riùsan uile aig an robh sùil ri saorsa ann an Ierusalem.

Uime sin nuair a chruinnich iad an ceann a chèile, dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Thighearna, an aisig thu aig an àm seo an rìoghachd do Israel?

Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Eiphiteach an‑dè?

Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan