Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 24:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cionnas a thug na h‑àrd-shagartan agus ar n‑uachdarain thairis a‑chum dìteadh bàis e, agus a cheus iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

A nathraichean, a shìol nan nathraichean nimhe, cionnas a dh’fhaodar leibh a dhol as o dhamnadh ifrinn?

Ach chuir na h‑àrd-shagartan agus na seanairean impidh air a’ phoball gun iarradh iad Barabas, agus gum milleadh iad Iosa.

Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd-shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat.

Agus nuair a bha an là air teachd, chruinnich seanadh an t‑sluaigh, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean an ceann a chèile, agus thug iad esan a‑chum an comhairle.

Agus nuair a ghairm Pilat an ceann a chèile na h‑àrd-shagartan, agus na h‑uachdarain, agus an sluagh,

An duine seo, a thugadh thairis le comhairle chinntich agus ro‑eòlas Dhè, ghlac sibhse, agus le làmhan dhroch dhaoine cheus agus mharbh sibh e:

A chuir araon an Tighearna Iosa agus am fàidhean fhèin gu bàs, agus a rinn geur-leanmhainn oirnne; agus nach eil a’ toileachadh Dhè, agus a tha an aghaidh nan uile dhaoine:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan