Ach bha an sùilean air an cumail, air chor is nach d’aithnich iad e.
Agus dh’aithnich Iòseph a bhràithrean, ach cha d’aithnich iadsan esan.
Na dhèidh sin, nochdadh e do dhithis dhiubh ann an cruth eile, ag imeachd dhaibh, agus iad a’ dol don dùthaich.
Agus nuair a bha iad a’ còmhradh, agus a’ co‑reusonachadh, thàinig Iosa e fhèin am fagas, agus dh’imich e maille riu.
Agus thubhairt e riu, Ciod e an còmhradh seo air a bheil sibh a’ teachd eadaraibh fhèin, ag imeachd dhuibh, agus sibh dubhach?
Agus dh’fhosgladh an sùilean, agus dh’aithnich iad e; agus chaidh e as an t‑sealladh.
Agus nuair a thubhairt i seo, thill i air a h‑ais, agus chunnaic i Iosa na sheasamh, agus cha d’aithnich i gum b’e Iosa a bha ann.
Ach nuair a bha a’ mhadainn a‑nis air teachd, sheas Iosa air an tràigh: gidheadh cha robh fhios aig na deisciobail gum b’e Iosa a bha ann.