Agus nuair a bha iad a’ còmhradh, agus a’ co‑reusonachadh, thàinig Iosa e fhèin am fagas, agus dh’imich e maille riu.
Agus bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin ag ràdh, Is ann airson nach tug sinn aran leinn.
Oir ge bè àite anns a bheil dithis no triùir air an cruinneachadh an ceann a chèile ann am ainm-sa, tha mise an sin nam meadhon.
Agus bha iad a’ labhairt eatorra fhèin mu thimcheall nan nithean ud uile a thachair.
Ach bha an sùilean air an cumail, air chor is nach d’aithnich iad e.
Agus a’ labhairt nan nithean seo dhaibh, sheas Iosa fhèin nam meadhon, agus thubhairt e riu, Sìth maille ribh.