Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 24:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha iad a’ labhairt eatorra fhèin mu thimcheall nan nithean ud uile a thachair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Oir is mise Iehòbhah, cha chaochail mi: air an adhbhar sin chan eil sibhse, O chlann Iàcoib, air ur sgrios.

Agus, feuch, bha dithis dhiubh a’ dol air an là sin fhèin gu baile dom b’ainm Emàus, a bha trì-fichead stàid o Ierusalem.

Agus nuair a bha iad a’ còmhradh, agus a’ co‑reusonachadh, thàinig Iosa e fhèin am fagas, agus dh’imich e maille riu.

Bheir duine math nì math a‑mach à deagh ionmhas a chridhe; agus bheir droch dhuine nì olc a‑mach à droch ionmhas a chridhe: oir is ann à pailteas a chridhe a labhras a bheul.

Agus teagaisgidh tu iad dod chloinn, agus labhraidh tu orra nuair a shuidheas tu ad thaigh, agus nuair a dh’imicheas tu air an t‑slighe, agus nuair a laigheas tu sìos, agus nuair a dh’èireas tu suas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan