Agus, feuch, bha dithis dhiubh a’ dol air an là sin fhèin gu baile dom b’ainm Emàus, a bha trì-fichead stàid o Ierusalem.
Agus bha iad a’ labhairt eatorra fhèin mu thimcheall nan nithean ud uile a thachair.
Agus fhreagair fear dhiubh dom b’ainm Cleopas, agus thubhairt e ris, A bheil thusa a‑mhàin ad choigreach ann an Ierusalem, agus gun fhios agad air na nithean a rinneadh innte anns na làithean seo?