Agus chaidh Lot a‑mach, agus labhair e ra chleamhnan, a phòs a nigheanan, agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a‑mach as an àite seo, oir tha an Tighearna gus am baile seo a sgrios. Ach bha e mar neach a bha ri fanaid ann an sùilean a chleamhnan.
Agus fhreagair ceannard, air làimh an do leig an rìgh a thaic, an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch, ged dhèanadh an Tighearna tuil-dhorsan anns na nèamhan, am faodadh an nì seo a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thusa led shùilean e, ach chan ith thu dheth.
An dèidh sin nochdadh e don aon-fhear-deug, agus iad nan suidhe aig biadh, agus thilg e orra am mì‑chreideamh, agus an cruas-cridhe, a chionn nach do chreid iad iadsan a chunnaic e an dèidh dha èirigh.
Agus chaidh e a‑mach, agus lean e e; agus cha robh fhios aige gu robh e fìor, an nì a rinneadh leis an aingeal: ach shaoil e gum bu taisbeanadh a chunnaic e.