Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 23:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’fheòraich e mòran de cheistean dheth; ach cha tug e freagradh sam bith air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Bha mi am thosd, cha d’fhosgail mi mo bheul, a chionn gur tusa a rinn e.

Shàraicheadh e, agus rinneadh ainneart air, gidheadh cha d’fhosgail e a bheul; thugadh e mar uan a‑chum a’ chasgraidh, agus mar chaora a bhios balbh an làthair a luchd-lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul.

Agus nuair a chuir na h‑àrd-shagartan agus na seanairean cionta as a leth, cha do fhreagair e nì sam bith.

Agus cha tug e freagradh dha air aon fhacal; ionnas gun do ghabh an t‑uachdaran iongantas ro‑mhòr.

Na toiribh an nì naomh do na madaidhean, agus na tilgibh ur neamhnaidean am fianais nam muc, air eagal gun saltair iad orra len casan, agus air tilleadh dhaibh gu reub iad sibh fhèin as a chèile.

Ach cha do fhreagair Iosa nì sam bith tuilleadh; air chor is gun do ghabh Pilat iongantas.

Agus thubhairt e riu, Imichibh agus innsibh don t‑sionnach sin, Feuch, tha mi a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, agus tha mi a’ dèanamh leigheas an‑diugh agus a‑màireach, agus air an treas là bidh mi air mo dhèanamh foirfe.

Agus sheas na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ga chasaid gu dian.

Agus chaidh e a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus thubhairt e ri Iosa, Cia as dhut? Ach cha tug Iosa freagradh dha.

A’ chuibhreann den sgriobtar a bha e a’ leughadh, b’i seo i: Thugadh e mar chaora a‑chum marbhaidh; agus mar uan a tha na thosd am fianais an fhir-lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul:

Neach, nuair a chàineadh e, nach do chàin a‑rìs; nuair a dh’fhuiling e, nach do bhagair; ach a dh’earb e fhèin ris-san a bheir breith cheart:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan