Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 23:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic Herod Iosa, bha aoibhneas mòr air: oir bha dèidh aige rè ùine fhada air esan fhaicinn, do bhrìgh gun cuala e mòran uime; agus bha dùil aige gum faiceadh e mìorbhail-eigin air a dhèanamh leis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Ach bha fearg air Nàaman, agus dh’fhalbh e roimhe, agus thubhairt e, Feuch, shaoil mi gu cinnteach gun tigeadh e a‑mach am ionnsaigh, agus gun seasadh e, agus gun gairmeadh e air ainm an Tighearna a Dhia, agus gun cuireadh e a làmh air an àite, agus gun lèighseadh e an lobhar.

Anns an àm sin chuala Herod an tretrarch cliù Iosa,

Agus chuala Herod an rìgh uime, oir chaidh ainm am follais; agus thubhairt e, Tha Eòin Baistidh air èirigh o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis.

Agus air gairm an t‑sluaigh agus a dheisciobal da ionnsaigh, thubhairt e riu, Ge bè neach leis an àill teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise.

Agus thubhairt e riu, Gun amharas thubhairt sibh rium an gnàth-fhacal seo, A lèigh, leighis thu fhèin: ge bè air bith iad na nithean a chuala sinn a rinneadh leat an Capernàum, dèan mar an ceudna iad an seo ad dhùthaich fhèin.

Ag ràdh, Thugaibh dhòmhsa mar an ceudna an cumhachd seo, ge bè neach air an cuir mi mo làmhan, gum faigh e an Spiorad Naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan