Agus air dha a thoirt a‑nuas, phaisg e ann an lìon-aodach e, agus chuir e ann an uaigh e a chladhaicheadh à carraig, anns nach do chuireadh aon duine riamh roimhe.
Agus dh’òrdaicheadh a uaigh maille ris na h‑aingidh, agus maille ri duine saoibhir na bhàs; airson nach do rinn e eucoir, agus nach robh cealg na bheul.
Agus cheannaich esan lìon-aodach grinn, agus thug e a‑nuas e, agus phaisg e anns an lìon-aodach e, agus chuir e e ann an uaigh a chladhaicheadh à carraig, agus charaich e clach gu doras na h‑uaighe.