Tha m’anam am measg leòmhann; tha mi am laighe am measg dream air lasadh, daoine aig a bheil am fiaclan nan sleaghan agus nan saighdean, agus an teanga na claidheamh geur.
Is lìonmhoire na falt mo chinn iadsan aig a bheil fuath dhomh gun adhbhar; tha iadsan air fàs làidir lem b’àill mo mhilleadh, a tha nan naimhdean dhomh gu h‑eucorach; an nì sin nach tug mi leam, an sin is èiginn dhomh a aiseag.
Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa a àitheantan a thabhairt da dhà-dheisciobal-dheug, gun d’imich e as a sin a theagasg agus a shearmonachadh nam bailtean.
Agus nuair a chunnaic Pilat nach do bhuadhaich e a’ bheag sam bith, ach gun d’èirich an tuilleadh buaireis, ghabh e uisge, agus dh’ionnlaid e a làmhan am fianais an t‑sluaigh, ag ràdh, Tha mise neochiontach de fhuil an fhìrein seo; faicibh-se sin.
Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh.
Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air a chur thuige gu dian, agus a tharraing gu labhairt air mòran de nithean;
Ach ghlaodh iadsan a‑mach, Beir uainn, beir uainn, ceus e. Thubhairt Pilat riu, An ceus mi ur rìgh-se? Fhreagair na h‑àrd-shagartan, Chan eil rìgh againne ach Cèasar.
Agus nuair a dh’èirich connsachadh mòr eatorra, air don àrd-cheannard a bhith fo eagal gu rachadh Pòl a tharraing as a chèile leo, dh’àithn e do na saighdearan dol sìos, agus esan a thogail leis an làimh làidir as am meadhon, agus a thoirt don chaisteal.