Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 23:48

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an sluagh uile a chruinnich a dh’ionnsaigh an t‑seallaidh sin, nuair a chunnaic iad na nithean a rinneadh, thill iad air an ais, a’ bualadh an uchd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Gu deimhinn an dèidh dhomh a bhith air mo thilleadh, ghabh mi aithreachas; agus an dèidh dhomh a bhith air mo theagasg, bhuail mi air mo leis; bha nàire orm, seadh fòs geur-amhluadh, a chionn gun do ghiùlain mi masladh m’òige.

Agus air seasamh don chìs-mhaor fad air ais, cha b’àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh, ach bhuail e a uchd, ag ràdh, A Dhia, dèan tròcair ormsa a tha am pheacach.

Agus bha iad uile a’ gul, agus a’ dèanamh caoidh air a son: ach thubhairt esan, Na guilibh; chan eil i marbh, ach na cadal.

A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air am bioradh nan cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a’ chuid eile de na h‑abstoil, Fheara agus a bhràithrean, ciod a nì sinn?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan