A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard-ceud, agus iadsan a bha maille ris a’ coimhead Iosa, a’ chrith-thalmhainn, agus na nithean eile a rinneadh, ghabh iad eagal mòr, ag ràdh, Gu fìrinneach b’e seo Mac Dhè.
Agus nuair a chunnaic an ceannard-ceud, a bha na sheasamh fa chomhair, gun tug e suas an deò, a’ glaodhaich mar sin, thubhairt e, Gu fìrinneach b’e an duine seo Mac Dhè.