Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 23:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sinne da‑rìribh ann an ceartas; oir tha sinn a’ faotainn nan nithean sin a thoill ar gnìomharan: ach cha do rinn an duine seo cron air bith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha e ann an àmhghar dh’iarr e an Tighearna a Dhia, agus dh’irioslaich e e fhèin gu mòr am fianais Dia a athraichean.

Ach an dèidh gach nì a thàinig oirnn airson ar droch obair, agus airson ar cionta mhòir, o nach do rinn thusa ar Dia peanas oirnn a rèir ar droch thoillteanais, agus gun tug thu dhuinn a leithid seo de shaorsa;

Agus dh’èirich iad nan àite, agus leugh iad ann an leabhar lagh an Tighearna an Dia, an ceathramh cuid den là; agus rè ceathramh eile dh’aidich iad, agus rinn iad adhradh don Tighearna an Dia.

Agus rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna mo Dhia, agus rinn mi m’aidmheil, agus thubhairt mi, O Thighearna, an Dia mòr, agus uamhasach, a tha a’ cumail coicheangail agus tròcair riùsan a ghràdhaicheas e, agus don dream a choimheadas a àitheantan:

Agus nuair a bha e na shuidhe air cathair a’ bhreitheanais, chuir a bhean teachdaireachd da ionnsaigh, ag ràdh, Na biodh agadsa gnothach sam bith ris an fhìrean sin: oir is mòr a dh’fhuiling mise an‑diugh ann am bruadar air a shon-san.

Agus nuair a chunnaic Pilat nach do bhuadhaich e a’ bheag sam bith, ach gun d’èirich an tuilleadh buaireis, ghabh e uisge, agus dh’ionnlaid e a làmhan am fianais an t‑sluaigh, ag ràdh, Tha mise neochiontach de fhuil an fhìrein seo; faicibh-se sin.

Ag ràdh, Pheacaich mi ann am brath na fala neochiontaich. Ach thubhairt iadsan, Ciod e sin dhuinne? Amhairc thusa air a sin.

A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard-ceud, agus iadsan a bha maille ris a’ coimhead Iosa, a’ chrith-thalmhainn, agus na nithean eile a rinneadh, ghabh iad eagal mòr, ag ràdh, Gu fìrinneach b’e seo Mac Dhè.

Ach fhreagair am fear eile, agus chronaich e e, ag ràdh, Nach eil eagal Dhè ort, agus gu bheil thu fon aon dìteadh ris?

Agus thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, cuimhnich ormsa nuair a thig thu dod rìoghachd.

Is fianaisean sibhse, agus Dia, cia naomh, agus cia cothromach, agus neo-lochdach a ghiùlain sinn sinn fhèin nur measg-se a tha a’ creidsinn:

Uime sin ùmhlaichibh sibh fhèin do Dhia; cuiribh an aghaidh an diabhail, agus teichidh e uaibh:

Ach le fuil luachmhoir Chrìosd, mar fhuil Uain gun chron, gun smal:

Neach, nuair a chàineadh e, nach do chàin a‑rìs; nuair a dh’fhuiling e, nach do bhagair; ach a dh’earb e fhèin ris-san a bheir breith cheart:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan