Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 23:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Pilat ris na h‑àrd-shagartan agus ris an t‑sluagh, Chan eil mi a’ faotainn coire air bith anns an duine seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha e na shuidhe air cathair a’ bhreitheanais, chuir a bhean teachdaireachd da ionnsaigh, ag ràdh, Na biodh agadsa gnothach sam bith ris an fhìrean sin: oir is mòr a dh’fhuiling mise an‑diugh ann am bruadar air a shon-san.

An sin thubhairt Pilat riu, Carson, ciod e an t‑olc a rinn e? Ach bu ro‑mhò a ghlaodh iadsan, Ceus e.

Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e.

Thubhairt Pilat ris, Ciod i an fhìrinn? Agus air dha seo a ràdh, chaidh e a‑mach a‑rìs a‑chum nan Iùdhach, agus thubhairt e riu, Chan eil mise a’ faotainn coire air bith ann.

Ach nuair a thuig mise nach do rinn e nì sam bith a thoill bàs, agus a chionn gun do thog e fhèin a chùis gu Augustus, shònraich mi a chur da ionnsaigh.

Ghlòraich Dia Abrahàim, agus Isaaic, agus Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a Mhac Iosa; a thug sibhse thairis, agus a dh’àich sibh an làthair Philait, nuair a b’i a bhreith a chur fa sgaoil.

Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;

Ach le fuil luachmhoir Chrìosd, mar fhuil Uain gun chron, gun smal:

Neach nach do rinn peacadh, cha mhò a fhuaireadh cealg na bheul:

Oir dh’fhuiling Crìosd fhèin aon uair airson pheacaidhean, am fìrean airson nan neo-fhìrean (a‑chum gun tugadh e sinne gu Dia), air dha a bhith air a chur gu bàs anns an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan