Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 23:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Mar sin their sibh ri Iòseph, Maith, guidheam ort a‑nis, eucoir do bhràithrean agus am peacadh, do bhrìgh gun do rinn iad olc ort; agus a‑nis, guidheam ort, maith eucoir seirbhisich Dia d’athar. Agus ghuil Iòseph nuair a labhair iad ris.

Roinn iad mo thrusgan eatorra, agus air mo bhrat thilg iad crannchur.

Air an adhbhar sin, roinnidh mi dha cuibhreann maille ris a’ mhòran, agus roinnidh e a’ chreach maille ris na cumhachdaich; a chionn gun do dhòirt e a‑mach a anam gu bàs; agus gu robh e air àireamh am measg nan ciontach; agus ghiùlain e peacadh mhòrain, agus rinn e eadar-ghuidhe airson nan ciontach.

Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.

Seadh, Athair, do bhrìgh gum b’ann mar sin a bha do dheagh thoil-sa.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Biodh gràdh agaibh dur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, dèanaibh math do na daoine air am beag sibh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn ribh gu naimhdeil, agus a tha gur geur-leanmhainn:

Agus nuair a cheus iad e, roinn iad a thrusgan, a’ tilgeadh croinn air ciod a’ chuid a bhiodh aig gach duine dheth.

Ag ràdh, Athair, mas toil leat, cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh chan e mo thoil-sa, ach do thoil-sa gu robh dèante.

Air an son-san tha mi a’ guidhe: chan eil mi a’ guidhe airson an t‑saoghail, ach airson na muinntir sin a thug thu dhomh, oir is leatsa iad.

Fhreagair Iosa, Cha bhiodh cumhachd air bith agad am aghaidh-sa, mura tugte dhut on àirde e; air an adhbhar sin an tì a thug mise thairis dhut, tha aigesan am peacadh as mò.

Ach ghlaodh Pòl le guth àrd, ag ràdh, Na dèan cron sam bith ort fhèin; oir tha sinn uile an seo.

Agus a‑nis, a bhràithrean, tha fhios agam gur ann tro aineolas a rinn sibh e, mar a rinn mar an ceudna ur n‑uachdarain.

Agus air dha e fhèin a leigeadh air a ghlùinean, ghlaodh e le guth mòr, A Thighearna, na cuir am peacadh seo as an leth. Agus air dha seo a ràdh, chaidil e.

Beannaichibh an dream a tha a’ dèanamh geur-leanmhainn oirbh: beannaichibh, agus na mallaichibh.

An gliocas nach b’aithne do aon neach de uachdarain an t‑saoghail seo: oir nam b’aithne dhaibh e, cha cheusadh iad Tighearna na glòire.

Agus ri saothair, ag obrachadh le ar làmhan fhèin: air fulang ana-cainnt dhuinn, tha sinn a’ beannachadh: nuair a gheur-leanar sinn tha sinn ga fhulang:

A bha roimhe am fhear-labhairt toibheim, agus am fhear geur-leanmhainn, agus am dhuine eucorach. Ach fhuair mi tròcair, do bhrìgh gun do rinn mi seo tre aineolas, ann am mì‑chreideamh:

Na h‑ìocaibh olc airson uilc, no càineadh airson càinidh: ach na aghaidh sin, beannaichibh; air dhuibh fios a bhith agaibh gur ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh, a‑chum gun sealbhaicheadh sibh beannachadh mar oighreachd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan