Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 23:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig iad don àite den goirear Calbhari, an sin cheus iad e fhèin, agus na droch dhaoine, fear dhiubh air a làimh dheis, agus am fear eile air a làimh chlì.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Oir chuartaich madraidh mi; dh’iadh coitheanal dhroch dhaoine umam; lot iad mo làmhan agus mo chasan.

Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad-ghin.

Agus bheir iad thairis e do na Cinnich a‑chum fanaid a dhèanamh air, agus a‑chum sgiùrsadh, agus a cheusadh: ach air an treas là èiridh e a‑rìs.

Tha fhios agaibh gu bheil a’ chàisg an dèidh dà là, agus tha Mac an Duine air a bhrath a‑chum a cheusadh.

Ag ràdh, Is èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rìs air an treas là.

A‑chum gum biodh facal Iosa air a choileanadh, a labhair e, a’ ciallachadh ciod a’ ghnè bàis a bha e gu fhaotainn.

Agus mar a thog Maois suas an nathair anns an fhàsach, is ann mar sin as èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thogail suas:

Agus nuair a choilean iad na h‑uile nithean a bha sgrìobhte ma thimcheall, thug iad a‑nuas on chrann e, agus chuir iad ann an uaigh e.

An duine seo, a thugadh thairis le comhairle chinntich agus ro‑eòlas Dhè, ghlac sibhse, agus le làmhan dhroch dhaoine cheus agus mharbh sibh e:

Thog Dia ar n‑athraichean Iosa, a mharbh sibhse agus a chroch sibh air crann.

Shaor Crìosd sinne o mhallachadh an lagha, air dha a bhith air a dhèanamh na mhallachadh air ar son: oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach aon a chrochar air crann:

Chan fhan a chorp rè na h‑oidhche air a’ chraoibh, ach air gach aon chor adhlaicidh tu e air an là sin fhèin; (oir mallaichte le Dia tha esan a chrochadh;) agus cha salaich thu d’fhearann, a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd.

Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan