Agus an tràth a thug iad leo e, rug iad air Sìmon, duine àraidh o Chirène, a bha a’ teachd on dùthaich, agus chuir iad an crann-ceusaidh air, ga ghiùlan an dèidh Iosa.
Agus thubhairt e riu uile, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann-ceusaidh gach là, agus leanadh e mise.
A‑nis bha anns an eaglais a bha aig Antioch, fàidhean, agus luchd-teagaisg àraidh; mar a tha Barnabas, agus Simeon ris an abrar Niger, agus Lucius o Chirène, agus Manaen, co‑alta Heroid an tetrarc, agus Saul.
An sin dh’èirich dream àraidh den t‑sionagog, ris an abrar sionagog nan Libertineach agus nan Cirènianach, agus de mhuinntir Alecsandria, agus na dream o Chilicia, agus on Asia, a’ deasbaireachd ri Stèphen.