Agus thug Pilat breith gun dèante na dh’iarr iad.
Cha lean thu a’ mhòr-chuideachd a dh’ionnsaigh an uilc, agus cha labhair thu ann an cùis, gu claonadh an dèidh a’ mhòrain, a‑chum breith fhiaradh.
Tha an tì a shaoras an t‑aingidh, agus an tì a dhìteas am fìrean, araon nan gràinealachd don Tighearna.
An sin leig e fa sgaoil Barabas dhaibh: ach air dha Iosa a sgiùrsadh, thug e thairis e a‑chum a cheusadh.
Agus air do Philat a bhith toileach gnìomh taitneach a dhèanamh don t‑sluagh, dh’fhuasgail e Barabas dhaibh, agus thug e thairis Iosa, an dèidh dha a sgiùrsadh, a‑chum a cheusadh.
Agus laigh iadsan air le guthan mòra, ag iarraidh esan a cheusadh: agus bhuadhaich an guthan-san, agus guthan nan àrd-shagart.
Agus leig e a‑mach dhaibh esan a thilgeadh ann am prìosan airson ceannairc agus mortaidh, an neach a dh’iarr iad; ach thug e thairis Iosa den toil.
An sin air an adhbhar sin ghlac Pilat Iosa, agus sgiùrs e e.