Tha m’anam am measg leòmhann; tha mi am laighe am measg dream air lasadh, daoine aig a bheil am fiaclan nan sleaghan agus nan saighdean, agus an teanga na claidheamh geur.
Ach is ro‑mhò a thubhairt esan, Ged is èiginn dhomh am bàs fhulang maille riut, chan àich mi a‑chaoidh thu. Agus mar sin thubhairt càch uile mar an ceudna.
Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e.