Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 23:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic Ahab Eliah, thubhairt Ahab ris, An tusa esan a tha a’ cur Israeil fo bhuaireas?

Dh’èirich fianaisean eucorach; chuir iad as mo leth nithean air nach robh fhios agam.

A‑mhàin a‑chum a thilgeadh sìos o a àirde tha iad a’ gabhail comhairle le chèile; is miann leo breugan; lem beul beannaichidh iad, ach nan cridhe mallaichidh iad. Selah.

Oir chuala mi tuairisgeul mhòrain, Uamhas air gach taobh aithrisibh-se, agus aithrisidh sinne e: tha iadsan uile ris an robh mi ann an sìth furachair airson mo thuislidh, ag ràdh, Theagamh gum meallar e, agus gum faigh sinn buaidh air, agus gun gabh sinn dìoghaltas dheth.

Air an adhbhar sin, thubhairt na h‑uachdarain ris an rìgh, Biodh an duine seo, guidheamaid ort, air a chur gu bàs: oir mar seo tha e a’ lagachadh làmhan an luchd-cogaidh a tha fhathast an làthair anns a’ bhaile seo, agus làmhan an t‑sluaigh uile, le bhith a’ labhairt an leithid seo de bhriathran riu: oir chan eil an duine seo ag iarraidh leas an t‑sluaigh seo, ach an aimhleas.

An sin chuir Amasiah, sagart Bheteil, fios gu Ierobòam rìgh Israeil, ag ràdh, Dhealbh Amos foill ad aghaidh ann am meadhon taigh Israeil: chan urrainn am fearann a bhriathran uile a ghiùlan.

Trì aodhairean fòs gheàrr mi as ann an aon mhìos; agus bha gràin aig m’anam-sa dhiubhsan, agus bha fuath aig an anam-san dhòmhsa.

Gidheadh, a‑chum nach tugamaid oilbheum dhaibh, imich thusa a‑chum na fairge, agus tilg dubhan innte, agus tog an ciad iasg a thig a‑nìos: agus air fosgladh a bheòil dhut, gheibh thu bonn airgid; sin gabh, agus thoir dhaibh air mo shon-sa, agus air do shon fhèin.

Thubhairt iadsan ris, Do Chèasar. An sin thubhairt esan riu, Thugaibh uime sin do Chèasar na nithean as le Cèasar; agus do Dhia na nithean as le Dia.

Agus sheas Iosa an làthair an uachdarain: agus dh’fhiosraich an t‑uachdaran dheth, ag ràdh, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu.

Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Thugaibh do Chèasar na nithean as le Cèasar, agus do Dhia na nithean as le Dia. Agus ghabh iad iongantas ris.

Agus dh’fheòraich Pilat dheth, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus air freagairt dha, thubhairt e ris, Thubhairt thu e.

Thubhairt e riu, Thug sibh am ionnsaigh-sa an duine seo, mar neach a tha a’ tionndadh an t‑sluaigh a thaobh: agus, feuch, air dhomh a cheasnachadh nur làthair, cha d’fhuair mi coire air bith anns an duine seo a‑thaobh nan nithean sin mum bheil sibh a’ dèanamh casaid air;

Agus bha iadsan na bu ro‑dhèine, ag ràdh, Tha e a’ buaireadh an t‑sluaigh, a’ teagasg tro Iudèa uile, a’ tòiseachadh o Ghalile gus an t‑àite seo.

An sin chaidh Pilat a‑mach dan ionnsaigh-san, agus thubhairt e, Ciod a’ chasaid a tha sibh a’ toirt an aghaidh an duine seo?

Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Mura b’fhear droch-bheairt e, cha tugamaid thairis dhutsa e.

Agus o sin suas dh’iarr Pilat a chur fa sgaoil: ach ghlaodh na h‑Iùdhaich, ag ràdh, Ma leigeas tu am fear seo fa sgaoil, cha charaid do Chèasar thu: ge bè neach a tha ga dhèanamh fhèin na rìgh, tha e a’ labhairt an aghaidh Chèasair.

Cha mhò as urrainn iad na nithean sin a dhearbhadh a tha iad a’ cur as mo leth.

Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, agus a’ dùsgadh nan Iùdhach uile gu ceannairc air feadh an domhain, agus na cheann-feadhna do luchd saobh-chreideamh nan Nàsarènach.

Air an adhbhar sin thugaibh do na h‑uile an dlighe fhèin: càin dhàsan don dlighear càin, cìs dhàsan don dlighear cìs, eagal dhàsan don dlighear eagal, agus urram dhàsan don dlighear urram.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan