(Neach airson ceannairc àraidh a rinneadh anns a’ bhaile, agus airson mortaidh, a thilgeadh am prìosan.)
Agus bha neach àraidh, dom b’ainm Barabas, ceangailte maille ra chompanaich ann an ceannairc, muinntir a bha air dèanamh mort anns a’ cheannairc.
Agus ghlaodh iad a‑mach a dh’aon ghuth, ag ràdh, Beir uainn am fear seo, agus leig air a chomas dhuinn Barabas:
Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.
Air an adhbhar sin labhair Pilat riu a‑rìs, air dha a bhith toileach Iosa a chur fa sgaoil.
Agus bha iadsan na bu ro‑dhèine, ag ràdh, Tha e a’ buaireadh an t‑sluaigh, a’ teagasg tro Iudèa uile, a’ tòiseachadh o Ghalile gus an t‑àite seo.
Nach tusa an t‑Eiphiteach sin a thog ceannairc ro na làithean seo, agus a thug leat don fhàsach ceithir mìle fear a bha nan luchd-mortaidh?
Ach dh’àich sibhse an t‑Aon naomh, agus am Fìrean, agus dh’iarr sibh mortair a thìodhlacadh dhuibh;