(Oir b’èiginn dha aon a leigeadh as dhaibh air an fhèill.)
A‑nis ri àm na fèille, chleachd an t‑uachdaran aon phrìosanach a b’àill leo a chur fa sgaoil don phoball.
A‑nis air an fhèill bu ghnàth leis aon phrìosanach, ge bè air bith a dh’iarradh iad, a leigeadh as dhaibh.
Uime sin, air dhòmhsa a smachdachadh, leigidh mi as e.
Agus ghlaodh iad a‑mach a dh’aon ghuth, ag ràdh, Beir uainn am fear seo, agus leig air a chomas dhuinn Barabas:
Ach tha gnàth agaibhse gun leiginn as duine dhuibh air a’ chàisg: uime sin an àill leibh mi a leigeadh rìgh nan Iùdhach fa sgaoil dhuibh?