Ach lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n‑aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdan-san shlànaicheadh sinne.
Agus air do Philat a bhith toileach gnìomh taitneach a dhèanamh don t‑sluagh, dh’fhuasgail e Barabas dhaibh, agus thug e thairis Iosa, an dèidh dha a sgiùrsadh, a‑chum a cheusadh.
Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e.
Ach thubhairt Pòl riu, an dèidh dhaibh ar sgiùrsadh gu follaiseach gun ar dìteadh, agus gur Ròmanaich sinn, thilg iad am prìosan sinn; agus a‑nis am b’àill leo ar cur a‑mach an uaigneas? Chan eadh gu deimhinn; ach thigeadh iad fhèin agus thugadh iad a‑mach sinn.