Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h‑uachdarain fanaid air maille riùsan, ag ràdh, Shaor e daoine eile; saoradh e e fhèin, mas e seo Crìosd, aon taghte Dhè.
Thubhairt Pilat ris, Ciod i an fhìrinn? Agus air dha seo a ràdh, chaidh e a‑mach a‑rìs a‑chum nan Iùdhach, agus thubhairt e riu, Chan eil mise a’ faotainn coire air bith ann.
An sin chaidh Pilat a‑mach a‑rìs, agus thubhairt e riu, Feuch, tha mi ga thoirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi fhios agaibh nach eil mise a’ faotainn coire sam bith ann.
Agus, feuch, tha e a’ labhairt gu follaiseach, agus chan eil iad ag ràdh nì sam bith ris: a bheil dearbh-fhios aig na h‑uachdarain gur e seo da‑rìribh Crìosd?
Oir iadsan a tha a chòmhnaidh ann an Ierusalem, agus an uachdarain, air dhaibh a bhith aineolach airsan, agus air briathran nam Fàidhean a tha air an leughadh gach sàbaid, le esan a dhìteadh choilean iad iad.