Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 23:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach chuir Herod agus a luchd-cogaidh ann an neo-mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ach is cnuimh mise, agus cha duine; masladh dhaoine, agus tàir an t‑sluaigh.

Mar seo deir an Tighearna, fear-saoraidh Israeil, a Thì naomh; ris-san a tha air a dhìmeas le daoine, ris-san don do ghabh an cinneach gràin; ri seirbhiseach an luchd-riaghlaidh. Chì rìghrean, agus èiridh iad suas; uachdarain, agus nì iad adhradh; airson an Tighearna a tha dìleas, agus tì naomh Israeil a roghnaich thu.

Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoine; na dhuine dhoilgheasan, agus eòlach air bròn; agus mar neach a dh’fhalaicheas a aghaidh uainn, tha e air a dhìmeas, agus chan eil suim againn dheth.

Anns an àm sin chuala Herod an tretrarch cliù Iosa,

Oir air do Herod Eòin a ghlacadh, cheangail e e, agus thilg e ann am prìosan e airson Heròdiais, bean Philip, a bhràthair fhèin.

Ach nuair a bha co‑ainm là‑breithe Heroid air a chumail, rinn nighean Heròdiais dannsa nan làthair, agus thaitinn i ri Herod:

Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thig Elias gu deimhinn air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean, agus mar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e gu mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a chur an dìmeas.

Agus sheas na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ga chasaid gu dian.

An sin thàinig Iosa a‑mach, agus an crùn droighinn air, agus an fhallaing phurpair uime. Agus thubhairt Pilat riu, Feuch an duine!

Oir ma thig a‑steach dur coitheanal duine air a bheil fàinne òir, ann an aodach dealrach, agus gun tig a‑steach mar an ceudna duine bochd ann an aodach suarach;

Agus gun amhairc sibh le meas air an duine sin air a bheil an deagh thrusgan, agus gun abair sibh ris, Suidh thusa an seo ann an àite inbheach; agus gun abair sibh ris an duine bhochd, Seas thusa an sin, no suidh an seo fo stòl mo chas:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan