Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 23:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sheas na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ga chasaid gu dian.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuir na h‑àrd-shagartan agus na seanairean cionta as a leth, cha do fhreagair e nì sam bith.

Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air a chur thuige gu dian, agus a tharraing gu labhairt air mòran de nithean;

Ach chuir Herod agus a luchd-cogaidh ann an neo-mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e.

Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.

Agus bha iadsan na bu ro‑dhèine, ag ràdh, Tha e a’ buaireadh an t‑sluaigh, a’ teagasg tro Iudèa uile, a’ tòiseachadh o Ghalile gus an t‑àite seo.

An sin dh’fheòraich e mòran de cheistean dheth; ach cha tug e freagradh sam bith air.

Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, agus a’ dùsgadh nan Iùdhach uile gu ceannairc air feadh an domhain, agus na cheann-feadhna do luchd saobh-chreideamh nan Nàsarènach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan