Pògaibh am Mac air eagal gum bi fearg air, agus gun sgriosar sibh anns an t‑slighe, nuair a lasas ach gu beag a chorraich. Is beannaichte iadsan uile a dh’earbas as.
Thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu: gidheadh tha mi ag ràdh ribh, Na dhèidh seo chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd air neòil nèimh.
Agus sheas Iosa an làthair an uachdarain: agus dh’fhiosraich an t‑uachdaran dheth, ag ràdh, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu.
A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard-ceud, agus iadsan a bha maille ris a’ coimhead Iosa, a’ chrith-thalmhainn, agus na nithean eile a rinneadh, ghabh iad eagal mòr, ag ràdh, Gu fìrinneach b’e seo Mac Dhè.
Agus chaidh mar an ceudna deamhain a‑mach à mòran, a’ glaodhaich agus ag ràdh, Is tu Crìosd Mac Dhè. Agus chronaich e iad, agus cha d’fhuiling e dhaibh labhairt: oir bha fhios aca gum b’esan Crìosd.
An abair sibh ris-san, a naomhaich an t‑Athair, agus a chuir e a‑chum an t‑saoghail, Tha thu a’ labhairt toibheim; airson gun dubhairt mi, Is mi Mac Dhè?
Air an adhbhar sin thubhairt Pilat ris, An rìgh thu mas eadh? Fhreagair Iosa, Thubhairt thusa gur rìgh mi. Is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mi don t‑saoghal, a‑chum gun dèanainn fianais don fhìrinn. Gach neach a tha air taobh na fìrinn, èisdidh e rim ghuth-sa.