Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thàinig là an arain neo-ghortaichte, anns am b’èiginn an t‑uan-càisge a mharbhadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos anns an fheasgar, ithidh sibh aran neo-ghortaichte, gu ruig an ciad là ar fhichead den mhìos anns an fheasgar.

Agus gleidhidh sibh a‑staigh e, gu ruig an ceathramh-là‑deug den mhìos seo; agus marbhaidh co‑chruinneachadh iomlan chloinn Israeil e anns an fheasgar.

A‑nis dhruid riu fèill an arain neo-ghortaichte, den goirear a’ chàisg.

Agus gheall esan, agus dh’iarr e àm iomchaidh air a bhrath dhaibh gun an sluagh a bhith an làthair.

Glanaibh a‑mach uime sin an t‑seann taois ghoirt, a‑chum gum bi sibh nur meall nuadh, mar a tha sibh neo-ghortaichte. Oir tha eadhon Crìosd ar n‑uan-càisge air ìobradh air ar son.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan