Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:64

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dh’fhalaich iad a shùilean, bhuail iad e anns an aghaidh, agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, Dèan fàidheadaireachd cò e a bhuail thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha an cridheachan subhach, thubhairt iad, Gairmibh air Samson, a‑chum gun dèan e fearas-chuideachd dhuinn. Agus ghairm iad air Samson à taigh a’ phrìosain; agus rinn e fearas-chuideachd nan làthair: agus chuir iad e eadar na puist.

Ach ghlac na Philistich e, agus chuir iad a‑mach a shùilean; agus thug iad sìos e gu Gàsa, agus cheangail iad e le geimhlean umha, agus bha e a’ bleith ann an taigh a’ phrìosain.

Ag ràdh, Dèan fàidheadaireachd dhuinn, a Chrìosd. Cò e a bhuail thu?

Agus thòisich cuid dhiubh air smugaid a thilgeadh air, agus a aghaidh fhalach, agus a bhualadh lem basan, agus a ràdh ris, Dèan fàidheadaireachd: agus ghabh na seirbhisich air le slatan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan