Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:61

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air tionndadh don Tighearna, dh’amhairc e air Peadar: agus chuimhnich Peadar facal an Tighearna, mar a thubhairt e ris, Mun goir an coileach, àichidh tu mi trì uairean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Amhaircidh e air daoine, agus ma their aon duine, Pheacaich mi, agus chlaon mi an nì a bha ceart, agus cha robh e a‑chum tairbhe dhomh;

A‑chum gun cuimhnich thu, agus gum bi nàire ort, agus nach fhosgail thu do bheul gu bràth nas mò, do bhrìgh do nàire, nuair a bhios mise rèidh riut airson gach uile nì a rinn thu, deir an Tighearna Iehòbhah.

Cionnas a bheir mi thairis thu, O Ephraim! Cionnas a bheir mi seachad thu, O Israeil! Cionnas a nì mi thu mar Admah! A chuireas mi thu mar Sheboim! Tha mo chridhe an taobh a‑staigh dhìom air tionndadh; tha m’aithreachais air lasadh le chèile.

Thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, air an oidhche seo fhèin mun goir an coileach, gun àich thu mi trì uairean.

Agus chuimhnich Peadar briathran Iosa, a thubhairt ris, Mun goir an coileach, àichidh tu mi trì uairean. Agus air dol a‑mach dha, ghuil e gu goirt.

Agus dh’aithnich Iosa air ball ann fhèin gun deachaidh cumhachd a‑mach as, agus air dha tionndadh anns an t‑sluagh, thubhairt e, Cò a bhean rim aodach?

Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e rithe, A Mharta, a Mharta, tha thusa làn cùraim agus dragha mu thimcheall mòran nithean:

Agus thubhairt esan, Tha mi ag ràdh riut, a Pheadair, nach goir an coileach an‑diugh gus an àich thu trì uairean gur aithne dhut mi.

Agus thubhairt Peadar, A dhuine, chan aithne dhomh ciod a tha thu ag ràdh. Agus air ball, am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, ghoir an coileach.

Agus chaidh Peadar a‑mach, agus ghuil e gu goirt.

Agus nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas dhith, agus thubhairt e rithe, Na guil.

Agus ghairm Eòin da ionnsaigh dithis àraidh de a dheisciobail, agus chuir e iad gu Iosa, ag ràdh, An tusa esan a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?

Fhreagair Iosa e, An leig thu d’anam sìos air mo shon-sa? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut nach goir an coileach gus an àich thu mi trì uairean.

Esan dh’àrdaich Dia le a dheas-làimh na Cheannard agus na Shlànaighear, a thoirt aithreachais agus maitheanas pheacaidhean do Israel.

Uime sin cuimhnichibh, air dhuibh a bhith anns an aimsir a chaidh thairis nur Cinnich anns an fheòil, ris an abrar an neo-thimcheall-ghearradh leòsan den goirear an timcheall-ghearradh làmh-dhèante anns an fheòil;

Cuimhnich uime sin cia uaithe a thuit thu, agus gabh aithreachas, agus dèan na ciad obraichean; no thig mi ort gu grad, agus atharraichidh mi do choinnleir as àite, mura gabh thu aithreachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan