Agus mu thimcheall ùine aon uaire na dhèidh sin, chòmhdaich neach eile air, ag ràdh, Gu fìrinneach bha am fear seo mar an ceudna maille ris; oir is Galilèach e.
Agus thubhairt Peadar, A dhuine, chan aithne dhomh ciod a tha thu ag ràdh. Agus air ball, am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, ghoir an coileach.
Ach thubhairt iad rithe, Tha thu air mhì-chèill. Ach bha ise a’ toirt dearbh-chinnte gu robh e mar sin. An sin thubhairt iad, Is e aingeal a tha ann.