Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 22:55

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dhaibh teine fhadadh ann am meadhon an talla, agus suidhe sìos maille ri chèile, shuidh Peadar nam meadhon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Is beannaichte an duine sin nach gluais ann an comhairle nan aingidh, agus nach seas ann an slighe nam peacach, agus nach suidh ann an cathair luchd-fanaid:

Na tarraing mi a‑mach leis na h‑aingidh, agus le luchd-dèanamh na h‑eucoir, a tha a’ labhairt sìth rin coimhearsnaich agus olc aca nan cridhe.

An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan.

Trèigibh nithean amaideach, agus bithibh beò; agus imichibh air slighe na tuigse.

An sin chruinnich uachdarain nan sagart, agus na sgrìobhaichean, agus seanairean a’ phobaill, gu talla an àrd-shagairt, den goirear Caiaphas,

Agus air dha a bhith ann an cruaidh-ghleac anama, rinn e ùrnaigh na bu dùrachdaiche: agus bha a fhallas mar bhraonan mòra fala a’ tuiteam sìos air an talamh.

Ach chunnaic cailinn àraidh e na shuidhe aig an teine, agus air dhi amharc gu geur air, thubhairt i, Bha am fear seo mar an ceudna maille ris.

Na meallar sibh: truaillidh droch choluadar deagh bheusan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan