Nuair a bha mi gach là maille ribh anns an teampall, cha do shìn sibh a‑mach ur làmhan am aghaidh: ach is seo ur n‑uair-se, agus cumhachd an dorchadais.
Agus nuair a thàinig e don teampall, thàinig na h‑àrd-shagartan agus seanairean a’ phobaill da ionnsaigh, agus e a’ teagasg, ag ràdh ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thusa a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug an cumhachd seo dhut?
An sin thubhairt Iosa ris na h‑àrd-shagartan agus ri ceannardan an teampaill, agus ris na seanairean, a thàinig da ionnsaigh, An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le bataichean, mar gum b’ann an aghaidh fir-reubainn?
A dh’fhosgladh an sùl, a‑chum gun tionndaidh iad o dhorchadas gu solas, agus o chumhachd Shàtain gu Dia, a‑chum gum faigh iad maitheanas pheacaidhean, agus oighreachd maille ris a’ mhuinntir sin a tha air an naomhachadh tre an chreideamh a tha annamsa.
Oir chan eil sinn a’ gleac ri fuil agus feòil, ach ri uachdaranachdan, ri cumhachdan, ri riaghlairean dorchadas an t‑saoghail seo, ri aingidheachd spioradail ann an ionadan àrda.