Agus bhuail aon dhiubh seirbhiseach an àrd-shagairt, agus gheàrr e dheth a chluas dheas.
Agus air tarraing claidheimh do fhear de na bha an làthair, bhuail e òglach an àrd-shagairt, agus gheàrr e a chluas dheth.
Agus nuair a chunnaic iadsan a bha ma thimcheall-san an nì a bha gu tachairt, thubhairt iad ris, A Thighearna, am buail sinn leis a’ chlaidheamh?
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, Fuilingibh gu seo. Agus bhean e ra chluais, agus shlànaich e i.
A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh.
(Oir ar n‑airm-chogaidh chan eil iad feòlmhor, ach cumhachdach o Dhia a‑chum daingnichean a leagail:)