Ach thubhairt Iosa ris, A Iùdais, a bheil thu le pòig a’ brath Mac an Duine?
Bu mhìne na ìm facail a bheòil, ach bha cogadh na chridhe; bu bhuige a bhriathran na ola, ach bu chlaidheamhan rùisgte iad.
Is dìleas lotan caraid; ach is cealgach pògan eascaraid.
Agus nuair a bha e fhathast a’ labhairt, feuch, sluagh, agus dh’imich esan dom b’ainm Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, romhpa, agus dhruid e ri Iosa, a‑chum a phògadh.
Agus nuair a chunnaic iadsan a bha ma thimcheall-san an nì a bha gu tachairt, thubhairt iad ris, A Thighearna, am buail sinn leis a’ chlaidheamh?